Corona Update – GD

CORÒNA-BHÌORAS (COVID-19)

Fios airson oileanaich, luchd-obrach agus luchd-tadhal.

Tha an làrach againn fosgailte airson na bliadhna acadaimigeach ùr 2021-22, a rèir stiùireadh Riaghaltas na h-Alba airson Oilthighean is Colaistean. Tha sinn air measaidhean cunnairt a dhèanamh agus tha sinn air ceumannan farsaing a chuir an sàs gus dèanamh cinnteach gu bheil sgaoileadh covid air a lughdachadh air an àrainn, am measg ar n-oileanaich, luchd-obrach agus a’ choimhearsnachd san fharsaingeachd. Tha sinn cuideachd air còmhraidhean a chumail le Sgioba Dìon Slàinte na Gàidhealtachd mu na modhan a tha nan àite. Tha sinn air a bhith air leth faiceallach mu thoiseach an semeastar nuair a thill oileanaich HE stèidhichte air an àrainn gu sgrùdadh, agus tha iad air ceumannan a bharrachd a chuir an sàs a tha a’ dol fada nas fhaide na na cuingeadan a th’ ann an-dràsta sa chomann-shòisealta san fharsaingeachd, ann an oidhirp gus a h-uile duine a chumail còmhla gu sàbhailte. Tha iad sin air am mìneachadh gu h-ìosal.

Tha sinn gu mòr fosgailte agus ag obair le leantainn air adhart le pròiseactan, ionnsachadh agus rannsachadh, a’ cleachdadh dòigh-obrach measgaichte le obair-dachaigh leantainneach do luchd-obrach mar a dh’ fheumar, agus tachartasan agus coinneamhan eadar-dhealaichte fhathast air-loidhne. Bidh na cùrsaichean ionnsachadh air astar againn a’ leantainn mar as àbhaist, air-loidhne. Tha sinn dealasach a thaobh sàbhailteachd ar n-oileanaich, luchd-obrach agus coimhearsnachdan, agus aig an aon àm a’ toirt seachad deagh chothroman ionnsachaidh agus seirbheisean taic.

Cuiribh post-d thugainn nuair a bhios taic a dhìth oirbh – seo an dòigh as fheàrr air greim fhaighinn oirnn. Ma tha ceistean agaibh mu dheidhinn nan cùrsaichean, cuiribh post-d gu iarrtas@smo.uhi.ac.uk Airson ghnothaichean agus cheistean eile, cuiribh fios gu fios@smo.uhi.ac.uk. Cumaibh sàbhailte a chàirdean.

Modh-obrach Covid Sabhal Mòr Ostaig

Modh-obrachSMO_Modh-obrach_Covid_0621

Fiosrachadh do dh’ Oileanaich, Luchd-obrach & Luchd-tadhal

Stiùireadh Covid-19 do Luchd-obrach
Stiùireadh Covid-19 do dh’ oileanaich
Ceistean & Freagairtean do dh’oileanaich
Stiùireadh Covid-19 do Luchd-tadhail

Measaidhean-cunnairt

Measadh Chunnartan Covid 19 agus Siostaman Sàbhailte Obrach
A’ glanadh Togalaichean na Colaiste

Ma tha dragh air daoine mu an cuid slàinte a thaobh covid, tha sinn a moladh gun lean iad an comhairle as ùire agus fios a chuir gu NHS24 le bhith a’ cuir fòn gu 111 airson comhairle.

Fiosrachadh is comhairle as ùire do dh’oileanaich mun Choròna-bhìoras (COVID-19) bhon Riaghaltas: https://www.studentinformation.gov.scot/coronavirus

Corona Update – GD
© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578