Cosgaisean

CÌSEAN TEAGAISG 2021/22

Tha cìsean teagaisg a’ ciallachadh na phàigheas tu airson an teagaisg a gheibh thu tron bhliadhna is bidh iad eadar-dhealaichte a-rèir dè an cùrsa a tha thu a’ dèanamh, cò às a tha thu agus far a bheil thu a’ fuireach gu h-àbhaisteach. Bu chòir dhut cuideachd smaoineachadh air cosgaisean a bharrachd mar eisimpleir cosgaisean fuirich, biadh agus rudan eile a leithid leabhraichean (leugh na tuairisgeulan mhodalan). Ma tha dragh idir ort mu chìsean is cosgaisean feuch gun cuir thu fios don Oifis Chlàraidh air +44(0)1471 888304 no aig iarrtas@smo.uhi.ac.uk is bheir iad comhairle dhut ma bhios taic no cuideachadh ann dhut.

Tha uimhir de dhòighean maoineachaidh rim faighinn airson oileanaich a chuidicheas le cìsean a’ chùrsa agus leis na cosgaisean fuirich agad, a-rèir an t-suidheachaidh.

Mar oileanach eadar-nàiseanta, faodaidh tu bruidhinn leis an Ionad Eadar-Nàiseanta aig OGE airson comhairle air maoineachadh.

Ma tha ballrachd agad ann am prògram bhuannachdan alumni UHI tha cuid de Chùrsaichean ann far an tèid ìsleachadh prìs a thabhann.

Faic am PDF gu h-ìosal airson liosta slàn de na cosgaisean airson nan cùrsaichean againn.

Cisean teagaisg 2021-22 (PDF)

Cosgaisean
© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578