Cùrsaichean for-cheum

FOR-CHEUM

Ma tha ùidh agad ann an litreachas, cànan, foghlam, leasachadh, eachdraidh, dualchas, ceòl, ealain no cultar nan Gàidheal, tha taic is brosnachadh airson rannsachadh for-cheum rim faighinn am pailteas aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha prògraman for-cheum againn – tro theagasg no tro rannsachadh – tro mheadhan na Gàidhlig, eadar ceuman maighstireachd fad bliadhna agus cothroman PhD anns am faighear sàr theagasg agus stiùireadh.

Carson a dhèanadh tu rannsachadh for-cheum cuide rinn aig Sabhal Mòr Ostaig?

SÙBAILTE

Faodar na for-cheuman againn a dhèanamh làn-ùine no pàirt-ùine agus air an làraich no tro ionnsachadh measgaichte no air-astar gus an tèid agad air an t-slighe a fhreagras ort fhèin a lorg.

CÀNAN

Tha a’ Ghàidhlig aig teis-meadhan ar coimhearsnachd, ar cuid obrach agus na bhios romhainn. Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ cur roimhe gun tèid cànan, cultar is dualchas nan Gàidheal a leasachadh is a neartachadh tro chothroman foghlaim, trèanaidh is rannsachaidh tro mheadhan na Gàidhlig.

GOIREASAN FOGHLAIM IS CULTARAIL

’S e Sabhal Mòr Ostaig Ionad Nàiseanta na Gàidhlig anns an Eilean Sgitheanach. Tha an luchd-obrach acadaimigeach againn air cuid de na sgoilearan as cliùitiche ann an saoghal na Gàidhlig is na Ceiltis. Tha beairteas de ghoireasan sgoileireil rim faighinn am measg cruinneachaidhean an leabharlainn againn agus tha grunn phròiseactan cànanach is cultarail stèidhichte ann, a leithid – Tobar an Dualchais, Faclair na Gàidhlig agus Ainmean-Àite na h-Alba.

Mar oileanach for-cheum, bidh cothroman gu leòr agad a thighinn an sàs anns a’ choimhearsnachd Ghàidhlig againn ann an iomadh dòigh, anns an t-sreath de dh’òraidean àm-lòin againn (le luchd-obrach, oileanaich is luchd-tadhail), Òraid an t-Sabhail, taisbeanaidhean agus tachartasan ciùil.

Cùrsaichean for-cheum
© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578